Gàidhlig agus Foghlam BA (le Urram)

UCAS code XQ10

What is special about this course?

Is e prògram ùr trèanadh thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig a tha anns a' chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam a tha air a thabhann taobh a-staigh Sgeama na Gàidhlig agus Chuspairean Co-cheangailte (SGCC) aig UHI. Tha am Prògram ri fhaotainn tro fhoghlam air astar no tro theagasg aghaidh ri aghaidh.

Bheir am Prògram cothrom dhut barantas le urram agus teisteanas teagaisg fhaotainn taobh a-staigh ceithir bliadhna agus tha e na shlighe dìreach a-steach gu trèanadh thidsearan ann an raon far a bheil gainnead luchd-obrach. Tha an cùrsa air a dhealbh airson teagasg Àrd-sgoile (Gàidhlig) no teagasg Bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, le 18 seachdainean de ghreis sgoile.

Special features

  • Tha a’ mhòr-chuid dhen chùrsa air a lìbhrigeadh agus air a mheasadh tro mheadhan na Gàidhlig
  • Gheibh thu an cothrom ceum le urram agus teisteanas teagaisg fhaighinn taobh a-staigh ceithir bliadhna
  • Bidh thu fileanta sa Ghàidhlig aig ceann na ciad bliadhna, le tuilleadh daingneachaidh cànain tron phrògram air fad agus bidh cothrom agad modailean a dhèanamh a tha a’ buntainn ri teagasg ann an àrainneachd dà-chànanach
  • Nì thu deisealachadh airson dreuchd mar neach dreuchd meòrachail, a chumas taic ri sàr-ionnsachadh sgoilearan

Entry requirements

  • 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig BBC no nas àirde.  Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd-ìre aig B, no nas àirde, nam measg; NO
  • 2 A Level aig ìre BC no nas àirde
  • dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim

Gheibh thu agallamh mus tòisich thu air Bliadhna 1 airson dearbhadh dè an cùrsa bu fhreagarraiche dhut air a’ chiad bhliadhna, a rèir nan comasan labhairt agad.

A thuilleadh air seo, airson BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam, tha feum aig oileanaich air na leanas:

  • Àrd Ìre Beurla aig C no nas fheàrr, no teisteanas co-ionnan, agus Matamataig aig Ìre Nàiseanta 5 no Sàr-ìre Choitchinn (no teisteanas Cùrsa Nàiseanta ìre Eadar-mheadhanach 2 aig C no nas fheàrr

Faisg air deireadh Bliadhna 2, feumaidh oileanaich a bhith soirbheachail ann an agallamh a rèir mhodhan-obrach bunaiteach a thaobh inntrigidh gu Cùrsa Trèanadh Thidsearan agus feumar modhan-obrach Disclosure Scotland a choileanadh.

 

Access routes

DipHE ann an Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte. Gus faighinn a-steach gu bliadhnaichean 3 agus 4 bithear an dùil gum bi oileanaich air crìoch a chur air Sgeama na Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte agus gum bi Beurla aig Àrd-Ìre aca aig ìre B no nas àirde; no A level ann am Beurla aig ìre C no nas àirde.

Year 1 - CertHE

Bidh oileanaich a' dèanamh Bliadhna 1 agus 2 de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte agus an dèidh sin, airson bliadhna 3 agus 4, bidh iad a' leantainn prògram oideachaidh a' gabhail a-staigh measgachadh de chùrsaichean foghlaim/eòlais phroifeiseanta agus modalan bho SGCC.

‘S e bliadhna cànain a tha anns a’ Chiad Bhliadhna de SGCC, agus bithear a’ dèanamh A' Chùrsa Chomais no Gàidhlig agus Conaltradh air an làrach a rèir do chomasan sa chànan, aig toiseach a’ chùrsa no A' Chùrsa Adhartais. ‘S e cùrsa air astar a th’anns A’ Chùrsa Adhartais, air a lìbhrigeadh pàirt-ùine thairis air dà bhliadhna.

Year 2 - DipHE

Modailean:

  • Gàidhlig 2
  • Cànan, cultar is cinnidheachd

Bidh cothrom agad taghadh eadar 4 modailean roghainneil bhon Sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte, leis a' mhodail Foghlam Gàidhlig ann an Alba nam measg.

Year 3 - MA

Modailean:

  • Gàidhlig 3
  • Sgilean Rannsachaidh
  • Modail roghainneil bhon Sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte

Nì thu modailean foghlaim cuideachd, faic fo Bhliadhna 4.

Year 4 - MA (Hons)

Modailean Riatanach:

  • Tràchdas Ceuma
  • Modail bhon Sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte

 

Modailean Foghlaim gan dèanamh air bliadhnachan 3 is 4:

  • Clann agus an Ionnsachadh
  • An Neach Dreuchdail, Breithneachail is Feòrachail
  • Greisean Sgoile 1 & 2: 8 seachdainean air bliadhna 3, 10 seachdainean air bliadhna 4

How will I study my course?

  • Làn-ùine
  • Pàirt-ùine (le structar)
  • Tha a’ chiad bhliadhna ri fhaighinn làn-tìde no pàirt-ùine tro chlasaichean aghaidh ri aghaidh agus greis gnìomhachais 3 seachdainean (An Cùrsa Comais no Gàidhlig agus Conaltradh CertHE) no pàirt-ùine air astar (An Cùrsa Adhartais)
  • Tha an dàrna bliadhna ri fhaighinn làn-ùine no pàirt-ùine le clasaichean aghaidh ri aghaidh no ionnsachadh air astar
  • Nì thu ionnsachadh làn-ùine air an treas is air a’ cheathramh bhliadhna, le clasaichean aghaidh ri aghaidh, òraidean air co-labhairt bhideo agus ionnsachadh air-loidhne san àrainneachd ionnsachaidh didseatach, is 18 de ghreisean sgoile

How long will my course last?


  • Làn-ùine: 4 bliadhna
  • Pàirt-ùine: 6 bliadhna

Tha bliadhnaichean 3 is 4 a’ maireann 32 seachdainean mar thoradh air stiùiridhean an GTCS agus airson nan greisean sgoile a dhèanamh


Start date

  • Sultain

Fees

Most full-time students will have their fees paid.

Students on part-time courses may also be eligible to have their course fees waived.

Funding

Tha cothrom air maoineachadh is taic-airgid a bharrachd airson a' chùrsa seo. Cuir fios dhan cholaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.

What can I do on completion of my course?

Air dhut an ceum BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam a dhèanamh, b’ urrainn dhut a bhith ag obair ann am:

  • Foghlam Bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig
  • Foghlam Àrd-sgoil a’ teagasg na Gàidhlig mar chuspair (do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh)

Can I progress into further study?

An dèidh dhut a bhith ag obair ann am foghlam, b’ urrainn dhut an cùrsa MEd Critical Enquiry a dhèanamh mar phàirt dhen leasachaidh phroifeiseanta agad.

Is there more information available online?

QR Code - scan to visit course page

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Foghlam BA (le Urram)

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2019

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.

Search again