Gàidhlig agus Foghlam BA (le Urram)

Course code XQ10

What is special about this course?

Is e prògram foghlam thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig a tha anns a' chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam*.

Tha am prògram a’ tabhann teisteanas ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil no ann an Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil. Bidh 25 seachdainean de ghreisean-sgoile mar phàirt den teisteanas seo: trì seachdainean air Bliadhna 1, ceithir seachdainean air Bliadhna 2, ochd seachdainean air Bliadhna 3 agus 10 seachdainean air Bliadhna 4.  

Tha am prògram seo a’ tabhann slighe dhìreach a-steach gu teagasg Gàidhlig aig ìre bun-sgoile no ìre àrd-sgoile. 

*le ùmhlachd do ath-chreidsinn

Special features

  • Tha a’ mhòr-chuid dhen chùrsa air a lìbhrigeadh agus air a mheasadh tro mheadhan na Gàidhlig 
  • Gheibh thu an cothrom Ceum le Urram agus teisteanas teagaisg fhaighinn taobh a-staigh ceithir bliadhna 
  • Tha am prògram fosgailte do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh 
  • Bidh thu fileanta sa Ghàidhlig aig deireadh Bliadhna 1, le tuilleadh chothroman daingneachadh cànain a dhèanamh tron phrògram air fad  
  • A bharrachd air eòlas teagaisg, bheir an cùrsa sgilean sònraichte dhut ann am foghlam bogaidh agus foghlam dà-chànanach 
  • Bheir am prògram cothrom dhut a bhith nad neach-dreuchd meòrachail, a bheir taic ri sàr-ionnsachadh sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig 

Entry requirements

  • 3 teisteanasan aig Àrd Ìre aig BBC no nas àirde. Bhiodh e feumail nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd Ìre aig B, no nas àirde, nam measg NO
  • 2 A Level aig ìre BC no nas àirde
  • Thèid sùil a thoirt air tagraichean le teisteanasan eile mar a nochdas iad
  • Mus tòisich an cùrsa, feumaidh tu a bhith soirbheachail ann an agallamh a rèir modh-obrach innntrigidh gu prògram Foghlam Thidsearan ann an Alba. Thèid comas ann an Gàidhlig a mheasadh aig an aon àm airson an cùrsa a bu fhreagarraiche a thaghadh dhut air a’ chiad bhliadhna mar neach-fileanta no neach-ionnsachaidh
  • Is e cùrsa PVG aig Ìre 1 a tha seo: feumaidh oileanaich ballrachd sgeama PVG fhaighinn airson greisean-sgoile, a tha mar phàirt riatanach den chùrsa, a choileanadh. Airson barrachd fiosrachaidh, faic duilleag sgeama PVG OGE
  • Tha na teisteanasan gu h-ìosal riatanach airson  teagasg bun-sgoile agus àrd-sgoile ann an Alba. Thathar a’ moladh gum bi iad seo agad mus tòisich thu air a’ chùrsa no aig a’ char as fhaide, ro dheireadh bliadhna 2 den phrògram:
    • Àrd Ìre Beurla aig C no nas fheàrr (no teisteanas co-ionnan) 
    • Matamataig aig Ìre Nàiseanta 5 no Sàr-ìre, An Ìre Choitcheann, Eadar-mheadhan 2 no GCSE aig C no nas fheàrr

Access routes

  • Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE a’ tabhann An Cùrsa Inntrigidh do luchd-tagraidh aig nach eil eòlas no teisteanas ann an Gàidhlig mar-thà, a bheir cothrom dhaibh na sgilean cànain aca a leasachadh mus tòisich iad air ceum Gàidhlig

Year 1 - CertHE

Is e bliadhna cànain a tha anns a’ Chiad Bhliadhna agus, a rèir do chomasan sa chànan, nì thu fear de na cùrsaichean a leanas:

Mar phàirt den CertHE agad, nì thu modal ann am practas proifeasanta (Ag Amas air Teagasg 1) - sreath de sheiminearan air practas proifeasanta agus trì seachdainean de ghreis-sgoile ann an sgoil a tha a’ tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. 

Year 2 - DipHE

Modailean riatanach:

  • Gàidhlig 2
  • Cànan, cultar is cinnidheachd

Bidh cothrom agad taghadh a dhèanamh de mhodailean eile ann an Gàidhlig/cuspairean co-cheangailte, nam measg, litreachas, beul-aithris agus eachdraidh shòisealta nan Gàidheal.

Mar oileanach ann am Foghlam Thidsearan, nì thu dà mhodail ann am foghlam ann am Bliadhna 2: 

  • Foghlam Gàidhlig ann an Alba 
  • agus modail ann am Practas Proifeasanta (Ag amas air Teagasg 2) - sreath de sheiminearan air practas proifeasanta agus ceithir seachdainean de ghreis-sgoile ann an sgoil a tha a’ tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Year 3 - BA

Modailean:

  • Clann agus an lonnsachadh
  • Greisean Sgoile 1 (8 seachdainean)
  • Gàidhlig 3
  • Sgilean Rannsachaidh 

agus modailean roghainneil ann an Gàidhlig agus cuspairean co-cheangailte.

Year 4 - BA (Hons)

Modailean:

  • An Neach-dreuchdail Breithneachail is Feòrachail
  • Greisean Sgoile 2 (10 seachdainean)
  • Tràchdas Ceuma

Nì thu cuideachd taghadh de mhodail bho Sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte.

How will I study my course?

  • Làn-ùine
  • Thèid a’ chiad bhliadhna den phrògram (An Cùrsa Comais no Gàidhlig agus Conaltradh CertHE) a thabhann làn-ùine tro chlasaichean aghaidh ri aghaidh agus greis-sgoile trì seachdainean  
  • Thèid an dara gu an ceathramh bliadhna a thabhann làn-ùine tro chlasaichean aghaidh ri aghaidh agus greisean-sgoile. Tha am prògram cuideachd air a thabhann air astar eadar an dara agus an ceathramh bliadhna tro òraidean air loidhne, àrainneachd ionnsachaidh bhiortail (VLE) agus greisean-sgoile. 
  • Feumaidh seòladh/còd-puist a bhith aig oileanaich air astar a bheir cothrom dhaibh sgoil a tha a’ tabhann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a fhrithealadh aig àm nan greisean-sgoile.  

How long will my course last?


  • Làn-ùine: 4 bliadhna
  • Anns a’ chiad bhliadhna, thèid a’ ghreis-sgoile a chumail taobh a-staigh clàr-ama Sem 2
  • Anns na bliadhnaichean 2 gu 4, thèid a’ chuid as motha de na greisean-sgoile a chumail taobh a-muigh clàr-ama nan semeastaran

Where can I study my course?

  • Colaisde a' Chaisteil UHI
  • Sabhal Mòr Ostaig UHI

Start date

  • An t-Sultain

Fees

Costs as advertised.

Funding

Tha cothrom air maoineachadh is taic-airgid a bharrachd airson a' chùrsa seo. Cuir fios dhan cholaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.

Faodaidh oileanaich air prògraman teagaisg Gàidhlig (fo-cheum no for-cheum) tagradh a dhèanamh ri Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid fhaighinn.

Additional costs

Thèid cosgaisean siubhail air greisean-sgoile a phàigheadh do dh’oileanaich far a bheil seo iomchaidh agus a rèir Poileasaidh Siubhail Foghlam Thidsearan OGE.

What can I do on completion of my course?

An dhèidh dhut an ceum BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam a choileanadh, thèid obair bliadhna a thabhann dhut mar thidsear ùr air sgeama GTCS ann am: 

  • Foghlam Bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig no 
  • Foghlam Àrd-sgoile a’ teagasg na Gàidhlig mar chuspair (do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh) 

Tha e an comas do dh’oileanaich eadar-nàiseanta làn chlàradh fhaighinn le GTCS air Slighe Shùbailte.  

Can I progress into further study?

An dèidh dhut a bhith ag obair ann am foghlam, b’ urrainn dhut an cùrsa PgCert Streap no MEd Critical Enquiry a dhèanamh mar phàirt dhen leasachadh phroifeiseanta agad.

Is there more information available online?

QR Code - scan to visit course page

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Foghlam BA (le Urram)

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2022

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.