An Cùrsa Comais CertHE

UCAS code Q532

What is special about this course?

'S e cùrsa Gàidhlig diana agus eadar-obrachail a tha anns a' Chùrsa Chomais a tha deasaichte dha luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a tha ag amas a bhith fileanta sa chànan. ’S ann air sgilean cànain a tha prìomh fhòcas a’ chùrsa, an dà chuid labhairte agus sgrìobhte, ach thèid cuspairean eile a ghabhail a-steach feadh a’ chùrsa.

Bidh cothrom agad trì seachdainean de ghreis-dhreuchdail a dhèanamh ann an àrainneachd Ghàidhlig agus na sgilean teòiridh ùra agad a chur gu feum.

Special features

  • Dian chùrsa bogaidh le cuideam ga chur air sgilean labhairt is sgrìobhaidh
  • Bidh tu ag ionnsachadh ann an Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Eilean Leòdhais, na dhà dhiubh stèidhichte aig cridhe choimhearsnachdan beòthail Gàidhlig
  • Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas tri seachdainean os làimh ann an àrainneachd Ghàidhlig

Accommodation

We offer modern student accommodation at a number of our locations.

Entry requirements

  • 3 theisteanas Àrd-ìre aig ìre BBC no nas àirde NO
  • 2 A level aig ìre BC no nas àirde
  • Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre nam measg

Access routes

Year 1 - CertHE

Modalan Riatanach:

  • Comas Conaltraidh A
  • Comas Conaltraidh B
  • Cànan Foirmeil is Dreuchdail
  • Saoghal na Gàidhlig 1
  • Greis Gnìomhachais

Modalan Roghainneil:

  • Na meadhanan 1*
  • Cànan sa Choimhearsnachd
  • Litreachas: Sgilean Sgrùdaidh
  • Coimpiutaireachd 1
  • Annas-làimhe is Òrain Ghàidhlig 1*
  • Teòiridh, Cruthachadh is Cothromachadh 1*

*Sabhal Mòr Ostaig UHI a-mhàin

How will I study my course?

  • Làn-ùine
  • Bidh tu ag ionnsachadh air a’ chùrsa seo tro òraidean aghaidh-ri-aghaidh agus tràthan-oideachaidh ann an Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Eilean Leòdhais, na dhà dhiubh stèidhichte aig cridhe choimhearsnachdan beòthail Gàidhlig

How long will my course last?


Làn-ùine: 1 bliadhna


Start date

  • An t-Sultain

Fees

Cìsean

Do dh’oileanaich air còmhnaidh ann an Alba no anns an Aonadh Eòrpach/EEA (taobh a-muigh an RA) agus aig a bheil seòladh tron teirm ann an Alba, a’ dèanamh cùrsa fo-cheum (CertHE), tha na cìsean a leanas a’ buntainn ris:

CertHE2017-182018-19
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna £1,285 £1,285

Oileanach às a'chòrr den RA

Do dh’oileanaich air còmhnaidh anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath) agus aig a bheil seòladh ann an Alba rè na teirm, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:

CertHE2017-182018-19
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna £6,510 £6,720

Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.

Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a' pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.

Oileanaich eadar-nàiseanta

Is iad seo na cìsean do dh’oileanaich nach bi gu h-àbhaisteach a’ fuireach anns an RA no anns an Aonadh Eòrpach aig a bheil seòladh ann an Alba tron teirm:

CertHE2017-182018-19
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna £6,510 £6,720

Funding

Dh'fhaodar sgoilearachdan agus tùsan maoineachaidh eile a bhith rim faotainn.  Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.

 

 

What can I do on completion of my course?

Aon uair ’s gun coilion thu An Cùrsa Comais gu soirbheachail, faodaidh gum bi ùidh agad ann an dreuchd ann an teagasg Gàidhlig no na meadhanan Gàidhlig.

Can I progress into further study?

Aon uair ’s gun coilion thu an cùrsa agad, is urrainn dhut dol air adhart ri farsaingeachd de chùrsaichean Gàidhlig eile, a' gabhail a-steach:

Is there more information available online?

QR Code - scan to visit course page

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson An Cùrsa Comais CertHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2019

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.

Search again