Leasachadh Coimhearsnachd Duais LDL

What is special about this course?

Chaidh an cùrsa Leasachadh Dreuchdail Leantainneach (LDL) ann an Leasachadh Coimhearsnachd a dhealbh gus coinneachadh ris na feumalachdan trèanaidh agus leasachaidh aig buidhnean Gàidhlig agus ùghdarrasan poblach a tha ag obair ann an coimhearsnachdan gus a’ Ghàidhlig a dhìon agus ath-bheòthachadh.

Bheir thu sùil air leasachadh coimhearsnachd airson a h-uile suidheachadh, dùthchail is bailteil, air a bheil leasachadh na Gàidhlig a’ toirt buaidh. Leasachaidh tu sgìlean gus leasachadh cànain agus leasachadh coimhearsnachd a dhealbhachadh, a’ toirt còmhla eòlas teòiridheach le ceumannan practaigeach ann an ath-bheothachadh choimhearsnachdan agus cànain.

Special features

  • Bheir an cùrsa seo cothrom dhut gus buannachd fhaighinn bhon teagasg, ionnsachadh agus rannsachadh den ìre as àirde ann an leasachadh cànain agus coimhearsnachd, le sùil gheur air Gàidhlig na h-Alba; a’ cur ris na sgilean dreuchdail agus proifeiseanta agad
  • Leanaidh tu cùrsa de fhèin-oide le taic bho chlasaichean fòn agus goireasan ionnsachaidh air-loidhne.
  • Bidh susbaint na cùrsa gu h-àraid feumail do dh’oifigearan leasachadh Gàidhlig, oifigearan planadh cànain, luchd co-òrdanachaidh coimhearsnachd agus leasachaidh, agus luchd proifeiseanta foghlam na Gàidhlig.

Entry requirements

  • 3 teisteanasan Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde
  • Beachdaichear aig tagraidhean bho daoine le teisteanasan agus/no eòlas obrach iomchaidh cuideachd.
  • Gheibh tagraichean agallamh air-loidhne agus bidh aca  ri eisimpleir den sgrìobhadh aca a chur a-steach.

Duais LDL

  • A' leasachadh choimhearsnachdan Gàidhlig: sgilean practaigeach
  • Saoghal na Gàidhlig 2

How will I study my course?

  • Pàirt-ùine (le structar)
  • Pàirt-ùine (gun structar)
  • Leanaidh tu cùrsa de dh’fhèin-oide le taic bho chlasaichean agus goireasan ionnsachaidh air-loidhne.

How long will my course last?


  • Nì thu modal thairis air semeastar mar as àbhaist, le dà chlas air-loidhne gach seachdain.

Where can I study my course?

  • Colaisde a' Chaisteil UHI
  • Sabhal Mòr Ostaig UHI

Start date

  • An t-Sultain
  • Am Faoilleach

Fees

Costs as advertised.

Funding

Dh'fhaodar gum bi sgoilearachdan no taic airgid a bhith ri fhaotainn. Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.

What can I do on completion of my course?

Cuiridh an duais LDL seo ris na cothroman dreuchdail a bhios agad ann an caochladh roinnean leithid ann an buidhnean leasachaidh coimhearsnachd agus buidhnean poblach.

Can I progress into further study?

Faodaidh gum bi e comasach dhut adhartas a dhèanamh ri duaisean no ceumannan a bharrachd taobh a-staigh sgeama na Gàidhlig agus cuspairean co-cheangailte no duaisean eile aig an oilthigh.

Is there more information available online?

QR Code - scan to visit course page

You can use the above QR code to connect directly to the course details.