A welcome from the Principal and Chief Executive Officer, Sue Macfarlane

A very warm welcome to all our new and returning students.

see full size image
Sue Macfarlane

This is a strange and uncertain time for us all, however, I want you to know that we are committed to making sure your experience at the College this year is positive and you are fully supported to achieve your goals. 

We have worked hard to ensure your learning takes place in a safe and secure environment and each member of college staff is committed to your success. Regardless of the circumstances, this year offers you the opportunity to gain new knowledge and skills and build confidence and belief in what you can do – to learn from your successes as well as your failures. I hope you can take full advantage of the opportunities open to you – albeit on a more online basis!


Please don’t forget that wide range of support and help is available, including access to IT equipment and resources if you are studying from home. Full information on Covid-related matters is available on the dedicated page on our website and your Personal Academic Tutor or Student Services Staff are available if you require information, help or guidance.


I hope you all have a safe and enjoyable year with us and look forward to congratulating you on your success.

Best wishes, Sue Macfarlane

__________________________________

 

Fàilte on Phrionnsapal

Fàilte gu Colaisde a’ Chaisteil UHI – tha sinn air leth toilichte gu bheil sibh air tighinn còmhla rinn, ge bith a bheil sin aig làrach Steòrnabhaigh no aon de na 3 ionadan ionnsachaidh eile againn ann an Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla no Barraigh.

Is e Colaiste beag ach beòthail a th’ annainn agus an t-Oilthigh ionadail agaibh – a’ tabhann raon farsaing de phrògraman bho chùrsaichean sgoile gu ceuman agus rannsachadh iar-cheumnach. Is e ar n-amas fìor roghainn agus cothrom a thoirt do dhaoine ann an Innse Gall a bhith a’ fuireach agus ag ionnsachadh anns na h-eileanan a bharrachd air a bhith a’ tàladh dhaoine a thighinn a bhith ag ionnsachadh, a’ fuireach agus ag obair an seo.

Tha an luchd-obrach againn dealasach gum faigh sibh an t-ionnsachadh agus an taic as fheàrr a ghabhas gus an coilean sibh na h-amasan agaibh gu lèir. Tha sinn an-còmhnaidh ag iarraidh bhith a’ leasachadh agus ag adhartachadh na bhios sinn a’ dèanamh agus na bithibh leisg fios a leigeil dhuinn mu na rudan a tha ag obair gu math agus cuideachd na dh’fheumas atharrachadh.

Tha mi airson gach soirbheachas a ghuidhe dhuibh agus tha mi an dòchas gum bi sibh sona fhad is a bhios sibh le Colaisde a’ Chaisteil UHI agus gum faigh sibh buannachd às.

Deagh dhùrachdan, Sue MacFarlane