Lauren MacIver

BA Cànan is Cultar na Gàidhlig | BA in Gaelic Language and Culture

Lauren MacIver, BA Cànan is Cultar na GàidhligCheumnaich mi à Colaisde a’ Chaisteil le BA Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an 2016. Bha ùidh agam anns a’ chùrsa seo bho bha mi nam sgoilear ann an Sgoil MhicNeacail. Bha mi a’ faireachdainn gun toireadh an cùrsa cothrom dhomh mo sgilean Gàidhlig a leasachadh agus cur ris an fhiosrachadh Ghàidhlig a bh’ agam bho thùs. Bha mi cuideachd ga fhaicinn mar cheum air an t-slighe gu trèanadh airson a bhith nam thidsear bun-sgoile. ’S e cothrom air leth a bh’ ann dhòmhsa ceum a dhèanamh air an eilean agam fhèin, gun an dachaigh fhàgail. Bha seo gu h-àraidh cuideachdail bhon a tha mac òg agam. Bha an luchd-teagaisg co-fhaireachail agus taiceil agus fhuair mi an cothrom a thighinn gu clasaichean aig amannan a bha freagarrach dhomh. Tha mi a-nis dìreach air a’ chùrsa PGDE a chrìochnachadh agus bidh mi a’ tòiseachadh a’ teagasg anns an Lùnastal, rud a bha mi a’ miannachadh a dhèanamh o chionn fhada. Chòrd an ùine a chuir mi seachad anns a’ cholaiste rium agus tha mi a’ faireachdainn gun d’ fhuair mi mòran buannachd às. ’S e cothrom air leth a th’ ann a bhith ag ionnsachadh air an eilean agad fhèin ann an colaiste far a bheil luchd-obrach agus oileanaich air leth taiceil. Mholainn an cùrsa seo do dhuine sam bith.

I graduated with a BA in Gaelic Language and Culture from Lews Castle College UHI in 2016. The course had been of interest to me since I was a pupil at the Nicolson Institute, with the view that it would enhance my existing skills and knowledge of the Gaelic language and also provide me with a pathway to becoming a primary school teacher. As a mother of a young son, the opportunity to complete my degree at home and fit my studies around my family life was invaluable. Lecturing staff were caring, understanding and flexible and with their help and support, I was able to attend classes at times which were suitable for me. The completion of my degree has allowed me to continue with my studies, having recently completed the PGDE year to become a Gaelic primary teacher - something which has long been my ambition. My time at the college has been rewarding and very enjoyable. The opportunity to study while living at home, in addition to a supportive network of staff and students is second to none and one which I would recommend to anyone.